Chaidh feasgar làn fealla-dhà a chumail ann an Cothrom Òg far an d’ fhuair a’ chlann anns an sgoil-àraich agus am pàrantan agus am bràithrean ’s peathraichean iomadach cothrom spòrsail a bhith a’ cluinntinn agus a’ cleachdadh na Gàidhlig. Bha Shona Masson à Ceòlas cuide rinn agus fhuair a’ chlann innealan-ciùil a chrathadh ’s a bhualadh còmhla rithe gus ceòl snog a chruthachadh. Bidh seinn ri chluinntinn a h-uile là ann an Cothrom Òg, ach bha an t-seinn gu math àrd anns an teant an là sin air sàilleabh Penny Burgess a bhith aig an stiùir. Bha cothrom aig a’ chlann suidhe còmhla ri Liam Alasdair Crouse a choimhead agus dh’èisteachd ri sgeulachdan no a bhith a’ cruthachadh obair-ealain, no dh’fhaodadh iad a dhol còmhla ri Peigi-Ann à Ceòlas agus geamaichean eadar-dhealaichte a chluich. Bha tì ’s cofaidh ri fhaighinn agus bha bileagan fiosrachaidh ceangailte ri Gàidhlig, Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig agus clasaichean ionadail ann airson a leughadh. Le taing gu Kenny MacDonald agus Murphy MacEachan bha cothrom aig a’ chlann a dhol am broinn làraidh agus tractar agus abair gun robh sin na thlachd dhaibh! Rud mòr eile a chòrd ri gu leòr dhuibh, ’s e sin a dhol gu Helen Cummings a bha peantadh na h-aodainn aca le maise-gnùise daiteach. Bha faclan tarraingeach ri chluinntinn mar ‘giomach’ agus ‘crùbag’ ’s cothrom aig a’ chlann a bhith a’ làimhseachadh maorach beò. Gu fortanach bha turadh ann, chaidh a’ chaisteal-bocadaich a chur suas agus bha a’ chlann a’ sreap ’s a’ slaighdeadh ’s a’ sgiamhail le toileachas!
1 Comment
29/10/2022 01:42:53 pm
Service forget whom conference main benefit buy physical. Somebody her quickly push.
Reply
Leave a Reply. |
AboutOn our blog you can read about all the things we get up to in the nursery. Archives
March 2023
Categories
All
|